Beag air Bheag

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig. Bidh Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain agus a' cluinntinn mun roghainn-ciùil. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba sa phrògram.

Genre: Education

When is Beag air Bheag next on TV?

It's next showing on BBC Radio Nan Gaidheal Tomorrow, 12:00pm and on BBC Radio Nan Gaidheal Tomorrow, 10:00pm. See more...