Beag air Bheag is an Education programme.

Image for Education programme "Beag air Bheag"

Next Show Times

Seasons in Detail

Beag air Bheag: Episode 5

Series 10, episode 5

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig. Anns a' phrògram seo, cluinnear criomagan à tasglann Radio nan Gàidheal le mìneachadh air cuid de na puingean cànain a tha a' togail ceann annta, bidh an t-Ollamh Michel Byrne a' toirt thugaibh Oisean a' Ghràmair, coinnichidh sinn ris an t-seinneadair Ghàidhlig, Gillebrìde MacIllemhaoil agus bidh Iseabail Mhoireach a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain, Iain MacCuinn agus a' cluinntinn mu a roghainnean ciùil