À Bragar chun Artaig is a Documentary programme.

Seasons in Detail

À Bragar chun Artaig

B' e bliadhna annasach a chuir Eighrig NicLeòid à Bràgar a Leòdhas seachad ann an Toktoyaktuk ann an Talamh Fuar Chanada. Aig deireadh na bliadhna sin, ghluais i gu obair ùr ann am foghlam, an turas seo gu Inuvik air bruaichean Abhainn MhicCoinnich. Choisinn Eighrig duais shònraichte bho riaghaltas na North West Territories airson an obair a rinn i air prògram foghlaim ùr a chur air bhonn sa sgìre. Ach choileann i barrachd air a sin. Bha i a' sàs cuideachd ann an sealbh fhaighinn air seann thogalach anns a' bhaile. Rinn iad taigh-glainne mòr dheth airson maith na coimhearsnachd. Fhad 's a bha i ann an Inuvik choinnich Eighrig ri fear à New Brunswick agus phòs iad. Uile gu lèir, chuir i 11 bliadhna seachad ann an Inuvik am measg nan Inuit agus nan Gwich'in mus do ghluais i fhèin agus an duine aice air ais mu dheas gu ruige New Brunswick agus mu dheireadh gu Nova Scotia, far a bheil an dachaigh aca an-diugh. Ged a tha Eighrig air mòran de a beatha a chur seachad air feadh Chanada tha a cridhe fhathast ann am baile a h-àraich, Bràgar. 'S iomadh atharrachadh a tha i a' faicinn sa bhaile gach turas a thilleas i dhachaigh, mar a dh' innis i do Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.

Genre: Documentary

Running Time: 30 minutes (approx)

When is À Bragar chun Artaig next on TV?

It's next showing on BBC Radio Nan Gaidheal Today, 10:00am. See more...